BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Nochd càraid anns a' chùirt ann an Derbyshire fo chasaid gun do mhuirt iad an sianar cloinne aca ann an teine nan dachaigh. Chaidh Mick is Màiread Philpot a chumail ann an grèim.

Thathar a' dlùth-cheasnachadh Rùnaire a' Chultair Jeremy Hunt aig rannsachadh a' Mhorair Leveson an-dràsta fhèin air mar a làimhsich e tagradh aig News Corporation gus BSkyB a ghabhail thairis. Tha mòran air a bhith ag iarraidh gum fàg Mgr Hunt a dhreuchd an dèidh mar a nochd fianais mu na ceanglaichean a bh' eadar an oifis aige agus an gnìomhachas aig Rupert Murdoch air a' mhìos a dh'fhalbh.

Chaidh companaidh ùr a stèidheachadh, UB Hebrides, le feadhainn de stiùirichean UBC. Thuirt Seumas Pedrana, ceannard na companaidh ùire, gu bheilear an dòchas an oabir a bh' aig UBC a chrìochnachadh. A rèir Mhgr Pedrana tha iad cuideachd ag iarraidh cùmhnantan ùra fhaotainn, agus dreuchdan a chruthachadh. Tha co-bhanntachd de luchd-gnìomhachais o air feadh nan Eilean 's na Gàidhealtachd an sàs anns a' chùis cuideachd. Nuair a chiadh UBC fodha nas tràithe air a' mhìos chaill 240 duine an cuid chosnaidh.

Chaidh seann stiùiriche conaltraidh a' Phrìomhaire, Andy Coulson, a chur fo chasaid gun do dh'innis e breugan anns a' chùirt. Chaidh Mgr Coulson a cheasnachadh fad grunn uairean de thìde ann an Glaschu ann an co-cheangal ri cùis-lagha an fhir-phoileataigs Tommy Sheridan.

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh airson dà thuath-gaoithe mòr a thogail os cionn Loch Nis. Tha SSE Renewables ag ràdh gu bheil iad an dòchas suas ri £600m a chosg air dà oighreachd air gach taobh den loch. Tha iad a' cumail a-mach gun tèid còrr air 100 dreuchd a chruthachadh. Chaidh an àireamh de mhuilnean a bhathar airson a chur an sàs a lùghdachadh, agus thachair seo às dèidh co-chomhairleachaidh phoblaich air a' chùis.

Tha Coimisean na Farpais a' dol a rannsachadh margaidh àrachais chàraichean na dùthcha. Tha Oifis na Malairt Cothromaiche ag ràdh nach eil an siostam a th' ann gus dèiligeadh ri tagraidhean airson tubaistean-rathaid ag obrachadh ceart. Tha iad ag ràdh nach eil mòran smachd aig na companaidhean àrachais orrasan a dh'adhbharaich tubaist air an dòigh anns a bheilear a' dèanamh obair-càraidh. Fhuair iad cuideachd gun robhar a' cur ris a' chosgais a bh' ann càraichean air màl a bhith aig dràibhearan fhad 's a thathar a' càradh nan carbadan aca fhèin.