Dòchas son aiseag ùr Ratharsair
Tha muinntir Ratharsair an dòchas gun cruthaich bàt'-aiseig ùr obraichean a chumas daoine air an eilean.
Tha na Ratharsaich agus muinntir Sgonnsair san Eilean Sgitheanach air a bhith a' cluinntinn mun teicneòlas annasach a leigeas leis an t-soitheach - a tha ga togail an-dràsta - a bhith ruith air an dà chuid, dealan agus dìosail.
Tha dùil gun tòisich am bàta ùr a' frithealadh an eilein as t-Samradh sa tighinn.