BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00

Mharbh oifigear poilis Afghan triùir shaighdearan Breatannnach nuair a loisg e orra le gunna ann an sgìre Helmand ann an ceann a deas Afghanistan. Bhoineadh dithis dhiubh dhan Welsh Guards agus fear eile dhan Royal Signals Corp. Chaidh an duine a loisg orra a chur an grèim.

Thàinig dearbhadh bho Bhanca Barclays gum bi an cathraiche, Marcus Agius, a' fàgail a dhreuchd leis an sgaineal mun dòigh san do dh'fheuch feadhainn sa bhanca ri riadh air iasad a stèidheachadh aig ìre a fhreagarradh orra fhèin. Fuirichidh Mgr Agius san obair gus an tèid cuideigin fhasdadh na àite. Thuirt ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, a-rithist gum feum àrd-oifigear a' bhanca, Bob Diamond, a dhreuchd fhàgail.

Tha fear de na Tòraidhean as teagmhaiche mun Aonadh Eòrpach, Liam Fox, ag ràdh gum feum Breatainn tuilleadh astar a chur eadar i fhèin agus an t-Aonadh Eòrpach. Tha esan ag ràdh air a' char as lugha gum feum Breatainn càirdeas nas subailte leis an EU. Tha dùil gun tèid am Pròomhaire a cheasnachadh mu bheachd san air a' chùis nuair a bheir e aithris do Thaigh nan Cùmantan air ard-chonneimh an Aonaidh Eòrpaich an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt Network Rail gum bi ùine ann fhathast mus bi seirbheisean a' ruith mar bu chòir air loidhne thaobh siar na Gàidhealtachd. Thàinig trèana-bathair far na rèile oidhche Dhiardaoin, an-dèidh mhaoin-slèibhe air an rèile eadar an Tulaich agus Coire Odhar. Tha Network Rail ag ràdh gu bheil e doirbh dhaibh leis gun do thachair an tubaist ann an àite cho iomallach nach eil rathad mòr faisg air. Tha First ScotRail a' ruith bhusachan eadar Glaschu agus Malaig.

Thuirt ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid Westminster, Aonghas Briannan MacNìll, gu bheil an t-àrdachadh ann an cìsean-adhair - a' dh'ainmich Riaghaltas na co-bhanntachd anns a' bhuidseat - a' bualadh gu mòr air sluagh nan Eilean Siar. Chaidh àrdachadh cha mhòr 10% air a' chìs anns a' Ghiblein agus tha Mgr MacNìll ag ràdh gum feum ath-sgrùdadh a dhèanamh air buaidh an àrdachaidh, agus gum bu chòir cuideachd smachd air a' chìs a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba.

Fhuair Urras Steòrnabhaigh £195,000 bho Stòras a' Chrannchair Nàiseanta airson planaichean ullachadh a bheireadh leasachadh air a' Ghearradh Chruaidh ann an Steòrnabhagh. Ma shoirbhicheas leotha leis a' chiad phàirt den phròiseact, tha iad an dòchas £4m eile fhaighinn airson nam planaichean sin a thoirt gu buil.