BBC Naidheachdan

Èirisgeidh a' glèidheadh Chupa RJ MhicLeòid

Chaidh cuairt dheireannach Chupa RJ MhicLeòid a chluich Disathairne ann an Uibhist, le Saints an Iochdar a' dol an aghaidh Èirisgeidh.

Le gaoth làidir a' sèideadh b' e geama gu math teann a bh' ann.

Bhuannaich Èirisgeidh aig a' cheann thall ge-tà, 3 tadhail gu 2.