Naidheachdan 11:00m

Tha aithrisean a' tighinn à Siria air sabaid as ùr an-diugh eadar na Reubaltaich agus feachdan an Riaghaltais anns a' phrìomh bhaile Damascus. Tha aithrisean ann gur e seo an t-sabaid as miosa fhathast o thòisich an ar-a-mach an aghaidh an Riaghaltais bho chionn 17 mìosan.

Tha ceannard na h-Eaglaise Caitligich an Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba referendum a chumail air na molaidhean airson pòsadh gèidh a cheadachadh. Thuirt an Càrdanal Cè Ó Briain, gum feum bhòt a bhith ann, oir gu bheil an cuspair air uidhir de dheasbad a phiobrachadh am measg an t-sluaigh.

Thuit luach nan earrainnean anns a' chompanaidh G4S a th' aig meadhan na h-àimhreit mu thèarainnteachd aig na geamaichean oilimpigeach gu mòr anns a' mhadainn an-diugh, agus iad sìos 8.5% o dh'fhosgail na margaidhean. Tha seo an dèidh don chompanaidh aideachadh gun caill iad cho mòr ri £50m leis nach do chuir iad luchd-obrach gu leòr air dòigh airson tèarainnteachd aig na geamaichean.

'S tha an t-ullachadh airson nan geamaichean a' dol gu ìre eile an-diugh agus a' chiad fheadhainn de mhìltean fharpaiseach agus oifigich a' tighinn a Lunnainn. Tha dùil ri còrr is 10,000 a bharrachd air an àbhaist aig Port-adhair Heathrow an-diugh. Fosglaidh baile nan lùth-chleasach ann an Stratford, agus thèid a' chiad phàirt de rathad an M4 a chomharrachadh cuideachd, gu sònraichte do thrafaig nan Olympics. Thuirt Mèar Lunnainn, Boris Johnson, gu bheil a h-uile dad mar a bu chòir aig an ìre seo.

Tha buidheann a tha a' dèiligeadh ri companaidhean a thèid gu rianachd ag ràdh gu bheil an ceathramh cuid de bhùthainnean na h-Alba, agus an còigeamh cuid de thaighean-òsta, ann an cunnart a dhol à bith air a' bhliadhna a tha ri tighinn. Tha a' bhuidheann R3 den bheachd gu bheil 1,500 bùth ann an cunnart leis nach eil daoine a' ceannach uidhir, agus gu bheil reic a' gluasad air-loidhne. Tha còrr is 150 taigh-òsta ann an cunnart tha iad ag ràdh leis gu bheil turasachd agus gnìomhachas a' fulang leis a' chrìonadh eaconamach.

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais Greenpeace gun do dhùin iad na h-uidhir de stèiseanan connaidh na companaidh Shell, le bhith a' togail fianais ann an Dùn Èideann agus ann an Lunnainn an-diugh. Tha Greenpeace a' togail fianais an aghaidh phlanaichean Shell airson tòiseachadh air tolladh airson a' chiad uair anns an Artaig.

Coinnichidh Stòras Fearainn na h-Alba, a' bhuidheann a tha a' riochdachadh choimhearsnachdan a ghabh smachd air an fhearann aca fhèin, ri àrd-oifigear ùr Choimisein Oighreachd a' Chrùin an t-seachdain seo. Tha seo an dèidh don Stòras briseadh dùil fhaighinn nuair a dhiùlt Roinn an Ionmhais smachd a thoirt do choimhearsnachdan ann an Alba air na còirichean mara.

Tha urras na coimhearsnachd ann an Gleann Eilge agus Àrnasdal a' gluasad air adhart le planaichean airson innleachd dealain a chur ann an Caol Reatha. Thuirt iad gu bheil iad air misneachd fhaighinn bho choinnneamhan le Riaghaltas na h-Alba, agus ma gheibh iad airgead poblach airson an sgeama, gun gabhadh airgead a thigeadh bhon sgeama acasan a chur an sàs an uair sin ann am pròiseactan eile den aon sheòrsa air a' chosta an iar.