BBC Naidheachdan

Maosgain-chaola

Thèid tràlairean bho thaobh sear na h-Alba a chasg bho iasgach nam maosgan-caola air an taobh an iar gu deireadh na bliadhna.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le ministear an iasgaich, Riseard Lochhead, 's Comunn Iasgairean nan Eilean Siar a' gearain nach fhuiling an gnìomhachas na tha do bhàtaichean a tha air tighinn a-steach bhon chost an ear.