BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha telebhisean stàite Shiria ag ràdh gun do spreadh boma taobh a-staigh fear de na togalaichean aca anns a' phrìomh bhaile, Damascus. Chaidh grunnan dhaoine a ghoirteachadh, ach fhuair iad air cumail orra a' craoladh.

Bidh stampa sònraichte a' comharrachadh gun d' fhuair Andaidh Moireach am bonn òr ann am farpais tennis nam fear aig na Geamannan Oilimpigeach ri fhaighinn fhathast an-diugh. Cuideachd tha bucas puist ga pheantadh òr ann an Dùn Bhlàthain, far an deach am Moireach a thogail.

Tha fireannach, a tha fo amharas gun do thilg e botal dìreach mus do thòisich rèis 100 meatar a-raoir, fhathast an grèim aig na poilis. B' e Usain Bolt à Iameuga a bhuannaich an rèis, leis an dàrna àm a bu luaithe a-riamh.

Chuir NASA soitheach sìos air uachdair Mars anns a' mhadainn an-diugh. Bha an Curiosity a' siubhal airson naoi mìosan. Bidh e a-nis a' sgrùdadh toll domhainn air a bheil Gale Crater.

Tha a' mhòr-chuid de dh'oilthighean ag ràdh nach bi mòran àiteachan aca airson sgoilearan a dh'fheuchas ri àite fhaighinn aig a' mhionaid mu dheireadh, is dùil ri fios mu deuchainnean an SQA a-màireach. Ach, tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag ràdh gu bheil na ceudan àiteachan aca falamh.

Gheall ceann-suidhe ùr na h-Èipheit gum faigh feachdan tèarainteachd na dùthcha smachd air Rubha Sinai, às dèidh mar a thug luchd-gunna ionnsaigh air a' chrìoch le Israel. Thuirt ùghdarrasan Israel gun dp dh'fheuch a' bhuidheann ri dà charbad a chur dhan dùthaich. Chaidh cur às dha na dhà aca.

Bhàsaich fireannach a thuit dhan mhuir bho aiseag a bha a' dèanamh air na h-Eileanan mu Thuath an-raoir. Chaochail e anns an ospadal. Tha sgrùdadh ga dhèanamh a-nis airson dearbhadh dè thachair. Thuit an duine dhan mhuir timcheall air deich mìle fichead tuath air a' Bhuaich.

Tha Louise Mensch a' dol a sheasamh sìos mar Bhall Pàrlamaid Tòraidheach. Thuirt i gu bheil i airson tuilleadh tìde a chur seachad còmhla ri a teaghlach ann an New York.