Ceist clubaichean oidhche Inbhir Nis
Thàinig an co-chomhairleachadh aig Comhairle na Gàidhealtachd air am bu chòir cead a bhith aig clubaichean oidhche Inbhir Nis daoine a leigeal a-steach gu crìch aig an deireadh sheachdain.
B' e na poileis a dh'iarr an riaghailt an toiseach, 's iad ag ràdh gur e dòigh mhath a bhiodh ann smachd fhaighinn air dol a-mach mì-shòisealta air sràidean Inbhir Nis.