Cumhachd nan coimhearsnachdan
Ma tha sluagh nan Eilean a' dol a dh'fhaighinn na buannachd air fad a bhith a' gabhail smachd air an cuid fearain fhein, feumar tòrr a bharrachd a dhèanamh airson cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.
Sin a chuala uachdarain choimhearsnachd nan Eilean aig co-labhairt sna Hearadh Dihaoine.
Bha suidheachadh Oighreachd a' Chrùin am measg iomadh cuspair a chaidh a dheasbad.
- Air fhoillseachadh
- 17 An t-Sultain 2012
- Earrann
- Naidheachdan