10 bliadhna do chathrannas èiginn
Tha 10 bliadhna ann bho chaidh a' bhuidheann chathranais slàinte Basics Scotland a stèidheachadh.
Tha iad a' toirt cuideachadh do dhaoine ann an èiginn mus tig carbad eiridinn thuca.
Tha an luchd-taic aca ag obair air feadh na dùthcha, 's iad gam meas gu h-àraid cudthromach ann an sgìrean dùthchail.