BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Gheibh an Referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba cead an-diugh bhon Phrìomhaire, agus bhon Phrìomh Mhinistear. Tha dùil gur e aon cheist a bhios ann, agus gum faigh deugairean a tha 16 agus 17 air bhòtadh. Thèid an Referendum a chumail an ceann dà bhliadhna.

Tha prìosanaich aig Prìosan Cheann Phàdraig air iad fhèin a ghlasadh ann an cealla. Thuirt Seirbheis nam Prìosanan nach eil mòran phrìosanach anns a' chealla, agus gu bheil luchd-obrach le trèanadh sònraichte a' bruidhinn riutha.

Chaidh triùir chloinne agus boireannach a mharbhadh ann an teine nan dachaigh ann an Essex. Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun an taighe ann an uairean beaga na maidne. Bha na balaich a bhàsaich, 13 agus 6. Bha an nighean 11.

Thèid nighean, 14, à Pagastan air an do loisg an Taliban a sgèith a Bhreatainn airson cùram sònraichte fhaighinn. Chaidh losgadh air ceann Malala Yousafzai. Thug an Taliban ionnsaigh oirre seach gun robh i ag ràdh gu poblach gum bu chòir do chloinn-nighean foghlam fhaighinn.

Tha Ball-Pàrlamaid airson Earra-Ghàidheal, Ailean Reid, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba faraidhean aiseig a ghearradh le airgead a shàbhail CalMac an-uiridh. Dh'innis Buidheann Dhàibhidh Mhic a' Bhriuthainn, Dihaoine, gun deach am prothaidean an-àirde 19% gu £3.8m.

Tha buidhnean fastaidh ag ràdh gu bheil piseach a' tighinn air margaid chosnaidh na h-Alba. Thuirt aithisg bho Bhanca na h-Alba gun d'fhuair barrachd dhaoine obraichean air a' mhìos a dh'fhalbh.

Leis a' Mhòd air tòiseachadh ann an Dùn Omhain, tha ceann-suidhe a' Chomuin Ghàidhealaich ag ràdh gu bheil e an dòchas gum faigh a' Ghàidhlig tuilleadh taic bhon roinn phrìobhaidich. Cuideachd, chaidh an craoladair 's an sgrìobhadair Ruairidh MacIlleathain ainmeachadh air an deireadh-sheachdain mar Thosgaire na Gàidhlig.