BBC Naidheachdan

Mòd na Cloinne

B'ann Dimàirt a bha duaisean mòra seinn na cloinne - Buinn Airgid a' Chomuinn Ghàidhealaich - gan toirt seachad aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.

Am bliadhna 's iad Màiri Nic IllInnean bho Sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas, agus Ailig John Moireasdan bho Sgoil Shiaboist, cuideachd ann an Leòdhas, a shoirbhich.

A thuilleadh air na farpaisean, dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig iomairt ann an Dùn Omhain gus tidsearan ùra a thàladh gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha Andreas Wolff ag aithris à Comhghall.