Clò mòr an suidheachadh fallain
Tha coltas ann gu bheil gnìomhachas a' Chlò Mhòr gu math fallain.
Tha Cathraiche Ùghdarras a' Chlò, Domhnall Martainn, ag ràdh gu bheil e san t-suidheachadh as fheàrr ann an 4 bliadhna an-dràsta.
Tha duil gun tèid millean meatar de chlò-mòr a dhèanamh am bliadhna, tha sin mu 600 mìle de chlò mòr.
Agus tha sgrùdadh ga dhèanamh air mar a ghabhas na beartan fhèin a dhèanamh nas èifeachdaiche.
- Air fhoillseachadh
- 18 An Dàmhair 2012
- Earrann
- Naidheachdan