BBC Naidheachdan

Sgeama nan geadh a' soirbheachadh

Tha beachd ann gu do shoirbhich le sgeama fuadachaidh nan geadh ann an Uibhist am bliadhna, a dh'aindeoin 's gu robh barrachd ann dhiubh na bha riamh roimhe.

Chlàradh faisg air 10,000geadh san sgìre san t-Sultain.

Ach, a-rèir na pròiseict Machair Life, a tha a' ruith an sgeama fuadachaidh, 's e glè bheag de dh'arbhair a chaidh a mhilleadh leotha.