BBC Naidheachdan

Diardaoin aig a' Mhòd

Bha là mòr nam Bonn Òra ann an Dùn Omhain Diardaoin.

'S i Eilidh Davies à Inbhir Garadh a fhuair duais nam ban, agus Calum MacLeòid à Dùn Èideann, ach a bhuinneas do Leòdhas, a fhuair bonn Òir nam fear.

Bha tòrr eile a' dol cuideachd ge-tà, 's tha gu leòr fhathast a' dol gu dearbha, 's farpais an t-Seann Nòis a' dol ann an Talla na Banrigh sa bhaile fhad 's a bha an Là air an adhar.

Tha Catriona NicFhionghain ag aithris.