BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m.

Tha na pàrtaidhean eile ag iarraidh air Riaghaltas SNP na h-Alba comhairle laghail sam bith a fhuair iad mu bhallrachd Alba neo-eisimeilich anns an Aonach Eòrpach fhoillseachadh. Chaidh am Prìomh Mhinistear, Ailig Salmond, às àicheadh an-dè gun do dh'innis e breugan mun chùis nuair a bhruidhinn e ris a' BhBC air a' chùis anns a' Mhàrt. Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gun gabhadh duine reusanta sam bith ri mìneachadh Mhgr Salmond, ach chan eil na pàrtaidhean dùbhlain riaraichte le sin.

Thug Cathraiche Urras a' BhBC, am Morair Patten, rabhadh do mhinistear riaghaltais gun teagamh a chur ann an neo-eisimeileachd a' BhBC, an lùib an sgainneil mu Jimmy Savile. Thuirt Rùnaire a' Chultair, Maria Miller, gu bheil dragh oirrese mu earbsa an t-sluaigh sa BhBC an dèidh na th' air tighinn am follais mun cho-dhùnadh rannsachadh Newsnight air Savile a leigeil às. Bha seo an dèidh do dh'Àrd-stiùiriche a' BhBC, George Entwhistle, a dhol fo cheasnachadh aig Comataidh a' Chultair an-dè.

Thuirt Scotland Yard gun deach cleasaiche telebhisein a chur fo chasaid gun do dh'èignich e gille 14 bliadhna de dh'aois. Tha an t-actar, nach fhaodar ainmeachadh air adhbharan laghail, fo chasaid gun tug e ionnsaigh air a' ghille aig taigh-chluiche ann an Lunnainn.

Tha riaghladh bhon Phrìomh Chùirt an-diugh a' toirt cothrom do na mìltean bhoireannach a dhol gu lagh airson pàigheadh co-ionnan ri fir. Thàinig breith bhon Phrìomh Chùirt a leigeas leotha a dhol dhan Chùirt seach gu tribunal. 'S tha sin a' ciallachadh gu bheil cothrom ann cùis a thogail cho fada ri sia bliadhna an dèidh làimhe, seach sia mìosan.

Tha e air tighinn am follais gur e dragh a bh' air na pìleatan mun ghèarbocsa is coireach gun tàinig air heileacoptair Superpuma laighe sa mhuir ann an èiginn faisg air Sealtainn a' bhòn-dè. Thuirt Eurocopter, a tha a' togail an heileacoptair Superpuma, gun deach rabhadh gum faodadh trioblaid a bhith ann le siostam ola a' ghèarbocsa. Thàinig 19 duine a bh' air bòrd às gu sàbhailte.

Bha lùghdachadh de 11% san àireamh de bhàs air rathaidean na h-Alba ann an 2011. Chaill 168 am beatha ann an tubaistean-rathaid an-uiridh. Tha sin sìos bho 208 ann an 2010. Bha an àireamh a chaidh a leòn sìos cuideachd dhan ìre as ìsle bho thòisich clàradh bho chionn còrr is 60 bliadhna.

Chuala coinneamh ann an Scalpaigh an-raoir gu bheil deagh chothrom aig an eilean air soirbheachas fo smachd na coimhearsnachd. Bha a' choinneamh a' beachdachadh air na thàinig à co-chomhairleachadh air plana an uachdarain an t-eilean a thoirt do mhuinntir an àite. Tha dùil gun tèid pàipearan baileat a sgaoileadh tron phost a-màireach airson cothrom a thoirt do dhaoine bhòtadh air a' chùis.