Meadhan an Òbain gu bhith air a mhaiseachadh
Dh'fhaodadh gun tig atharrachadh air coltas meadhain an Òbain sna beagan bhliadhnaichean a tha ri teachd, mar thoradh air dà phròiseact a ghabh ceum air adhart air an t-seachdain seo.
Chaidh sgeama BID a chur air bhog sa bhaile Diardaoin, agus chaidh co-dhùnadh a ruighinn cuideachd mun chiad leasachadh a thèid a dhèanamh mar phàirt de phròiseact CHORD airson an t-Òban a mhaiseachadh.
Mhìnich Andreas Wolff barrachd mun phròiseact.