Sgeama nam Bocsaichean Bròige
Aig an àm seo den bhliadhna bidh bocsaichean bròige gan cur gu feum airson daoine bochda a chuideachadh.
Gach bliadhna bi a' bhuidheann charthannais Blythswood a' cleachdadh nam bocsaichean airson stuthan cobhair a chur a-null gu dùthchanan air taobh Sear na Roinn Eòrpa.
Ann an iomairt na bliadhna an-uiridh, dh'fhalbh faisg air dà mhìle bocsa às na h-Eileanan Siar a-mhàin.
Tha Catriona NicIlleathain air a bhith a' rannsachadh.