Dà phlèana san là às an Eilean Sgitheanach
Dh'fhaodadh dà phlèana san là a bhith a' siubhail eadar an t-Eilean Sgitheanach agus meadhan na h-Alba, a rèir luchd-iomairt a th' airson an t-seirbheis adhair ath-bheothachadh.
Chaidh an iomairt Flyskye a chur air chois gu h-oifigeil Diardaoin, le moladh gum faodadh itealan Twin Otter a bhith a' sgiathadh a-mach 's a-steach a raon-laighe Aiseig faisg air an Ath Leathann.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.
- Air fhoillseachadh
- 2 An t-Samhain 2012
- Earrann
- Naidheachdan