Taighean-seinnse Steòrnabhaigh
Chuireadh daoine a bha a' tadhal air taighean-seinnse Steòrnabhaigh air an deireadh-sheachdain ionndrain air dhà dhiubh co-dhiu.
Tha dà thaigh-seinnse air dùnadh agus tha fear eile ann an làmhan luchd-stiùiridh ùra.
Thathas a' coireachadh suidheachadh na h-eaconomaidh agus prìsean saora anns na bùithtean mòra.