Dragh mu mholadh 'son Àrd-Sgoil Lionail
Tha dragh air èirigh ann an Ceann a Tuath Leòdhais mu thè de phlanaichean Comhairle nan Eilean Siar airson airgead a chùmhnadh.
Tha a' Chomhairle a' moladh, am measg eile, gun gabhadh ceannas Àrd-Sgoil Lionail a ghluasad gu Àrd-Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.
Tha eagal air cuid, ma thachras sin, gur e ceum a bhiodh ann a dh'ionnsaigh dùnadh na h-àrd-sgoile.
Tha Alasdair Friseal ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 16 An t-Samhain 2012
- Earrann
- Naidheachdan