Naidheachdan 11:00m
Thèid àrd-luchd-obrach aig a' phàipear-naidheachd an Sun agus an News of the World a chaidh à bith, a chur fo chasaid co-cheangailte ri pàigheadh mì-laghail a chaidh a thoirt do dh'oifigich phoblach. Thuirt poilis gum bi dithis a bha nan luchd-deasachaidh - Rebekah Brooks a bha na ceannard air News International, agus Andy Coulson a bha na chomhairliche dhan Phrìomhaire Dàibhidh Camshron, gan cur fo chasaid.
Thig air companaidhean cumhachd gearradh air ais air an àireamh de dhiofar chùmhnantan a tha iad a' tabhann air an luchd-cleachdaidh fo phlana a tha Riaghaltas Westminster a' foillseachadh an-diugh. Tha an riaghaltas airson gum faigh daoine an cùmhnant as saoire agus as fhreagaraiche orra, ach tha dragh air buidhnean mar Consumer Focus gum bi cuid a' pàigheadh barrachd na tha iad an-dràsta.
Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, Hillary Clinton, agus Àrd-Rùnaire an UN Ban Ki-moon gu bhith a' gabhail pàirt ann an còmhraidhean san Èipheit a tha a' feuchainn ri stad a chur air an t-sabaid eadar Israel agus a' bhuidheann Phailistinianach Hamas ann an Gàsa. Chuir Prìomhaire Israel, Benjamin Netanyahu, dàil air plana airson saighdearan a chur an sàs ann an Gàsa fhad 's a tha na còmhraidhean a' dol air adhart.
Thuirt an t-aonadh USDAW, gu bheil dòchas ann fhathast do dh'fhactaraidh feòla MacIntosh Donald anns a' Phort Leathann ann an Siorrachd Obar Dheathain, ged a dh'innis a' chompanaidh Dhùidseach Vion an-raoir gu bheil iad a' reic sin agus an còrr den ghnìomhachas aca ann am Breatainn. Tha dragh ann mu ionad MacIntosh Donald, far a bheil faisg air 300 duine ag obair, an dèidh do Vion factaraidh Halls of Broxburn a dhùnadh bho chionn ghoirid.
Thuirt fear de bhuill Earra-Ghàidheal ann am Pàrlamaid na h-Alba gu bheil muinntir na sgìre seachd searbh sgìth den dòigh sa bheil Riaghaltas na h-Alba a' diùltadh rathad ceart a thogail timcheall air an Rest and Be Thankful. Bha rathad an A83 dùinte an sin airson ùine an-dè nuair a thuit 100 tunna de chreig agus poll bho chliathaich na beinne. Sin an còigeamh turas ann an còig bliadhna a tha an rathad air a bhith dùinte le maoim-slèibhe, agus tha am ball Tòraidheach, Jamie MacGriogair, ag ràdh nach eil an Riaghaltas ach a' seachnadh na ceiste.
Tha dragh ann am Barraigh gum bi Comhairle nan Eilean Siar nas cruaidhe orrasan na bhitheas iad air sgìrean eile. Aig coinneimh an-raoir mar phàirt de chonaltradh na Comhairle air sreath de ghearriadhean a tha iad a' moladh, chaidh togail gu sònraichte air a' bhuaidh a thigeadh à gearradh sheirbheisean adhair eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla son ceangal ri Steòrnabhagh. Gheall Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun toir iad aire dhan bhuaidh a dh'fhaodadh gearraidhean na Comhairle a thoirt air diofar sgìrean.