Comhairle na cagailte
Chaidh tachartas beagan annasach ach uabhasach cudromach a chumail ann an Inbhir Nis Dimàirt agus seribheisean smàlaidh na h-Alba a' cur ìmpidh air daoine na dachannan aca a dhèanamh cho sàbhailte 's as urrainn dhaibh bho theintean air a' Gheamhradh seo.
Tha luchd-smàlaidh an-dràsta air turas timcheall na sgìre airson comhairle agus cuideachadh a thoirt do dhaoine mu mar bu chòir dhaibh an dìon fhèin bho theintean.
Tha an aithris seo aig Dòmhnall Angaidh Moireasdan.