Naidheachdan 11:00m

Bheir banca HSBC £1.2bn dha na h-ùghdarrasan anns na Stàitean Aonaichte mar rèiteach air casaidean gun robh am banca ri ana-cleachdadh air airgead co-cheangailte ri drogaichean. Tha luchd-casaid anns na Stàitean a' fàgail air HSBC gun do chuidich iad Ioràn, agus gràisgean dhrogaichean ann am Meagsaco a bha a' cur airgid am falach ann an siostam ionmhais Aimeireaga.

Thèid Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney mu choinneimh comataidh ann an Taigh nam Morairean an-diugh a fhreagairt beachd gum feumadh Alba neo-eisimeileach ballrachd iarraidh as ùr anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barosso, an-dè gu bheil e follaiseach gum feum dùthaich a gheibh a neo-eisimeileachd àite iarraidh as ùr anns an Aonadh.

Dh'innis Oifis a' Chinn-suidhe ann an Afraga a Deas, gu bheil Nelson Mandela san ospadal leis an dàrna tilleadh de thinneas sgamhainn. Tha seann Cheann-suidhe na Dùthcha, a tha 94 bliadhna de dh'aois, air a bhith san ospadal ann am Pretoria bho Dhisathairne seo chaidh, 's e coltach gu bheil e air a bhith a' dol bhuaithe bho chionn ghoirid. Thuirt an t-ospadal gu bheil e a' dèanamh beagan adhartais ge-tà, leis an leigheas a tha e a' faighinn.

Bheir Rùnaire Èireann a Tuath, Teresa Villiers, aithris do Thaigh nan Cumantan feasgar air an àimhreit ann am Béal Feirste far a bheil Dìlsich air a bhith a' togail fianais gach oidhche bho chionn còrr is seachdain bho chaidh co-dhùnadh nach bi bratach an Aonaidh tuilleadh os cionn Talla a' Bhaile ann am Béal Feirste a h-uile là. Chaidh ionnsaigh le boma-peatroil a thoirt air càr-poilis an-raoir aig oifisean a' Bhuill-Phàrlamaid Naomi Long bhon phàrtaidh Alliance, a bhòt airson an atharrachaidh.

Tha comataidh phàrlamaid ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' dol ceum ro fhada le plana a bheireadh cead dha na Poilis agus Seirbheisean Dìomhair sùil a chumail air puist-dealain dhaoine agus na tha iad a' dèanamh air an eadar-lìon. Tha a' chùis a' dèanamh sgaraidh ann an Riaghaltas na Co-bhanntachd. Tha an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg ag ràdh gu bheil e airson sùil eile a thoirt air a' chùis. Ach tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, ag iarraidh am bile a chur air adhart an ath-bhliadhna.

Rinn comataidh de Bhuill-Phàrlamaid càineadh làidir air planaichean an Riaghaltais airson sreath eile de ghearraidhean ann an seirbheis nam Maor-cladaich. Tha Comataidh Thaghte na Còmhdhail ag ràdh gu bheil luchd-obrach a' fàgail, agus gu bheil dìth misneachd anns an t-seirbheis leis na gearraidhean a th' air a bhith ann mar thà, agus tha iad airson faighinn a-mach ciamar a tha seirbheis èiginn nan tugaichean gu bhith agn obair ann an Alba, gu h-àraid ann an droch shìde.