Sgiathan air Rathad a' Phentland.
Ghluais tuath gaoithe Rathad a' Phentland ann an Leòdhas ceum eile adhart is na sgiathan gan ceangal ris a' chiad mhuillinn gaoithe sa phròiseict.
Bha luchd-togail a' feitheamh ri sìde mhath agus là socair, agus a dh'aindeoin 's gur e an geamhradh a th'ann, tha iad an dòchas gum bi na còig eile aca air a thogail ron Mhàirt.