Am Bàthadh Mòr

Chaidh 150 bliadhna a chomharrachadh Dimàirt bho fhuair 31 duine bàs san tubaist mhara as miosa riamh anns na h-Eileanan an Iar mus deach an Iolaire air na creagan ann an 1919.

Chaochail na fir, à Nis, nuair a thàinig stoirm orra 's iad a-muigh ag iasgach ann an 1862.

Rinneadh banntraich de 24 boireanaich, 's 71 leanabh air am fàgail gun athair anns a' Bhàthadh Mhòr.

Tha Dòmhnall Macsuain ag aithris, à Nis.