400 cosnadh ùr aig Bàgh an Eige
Thèid 400 cosnadh a chruthachadh leis a' chompanaidh Global Energy aig gàradh Bhàgh an Eige.
Tha seo a thuilleadh air 800 obair a th' anns a' ghàradh mar thà.
Thuirt ceannard na companaidh, Roy MacGriogair, gur e obraichean airson an ùine fhada a bhios annta, gu math fada bho mar a bha cùisean thuige 's bhuaithe aig a' ghàradh nuair a thòisich gnìomhachas na h-ola.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris bho Mhachair Rois.