Seachnadh na Beurla fad 40 là
A h-uile bliadhna aig àm a' Charghais, bidh daoine a' leigeil seachd rudan leithid teoclaid, 's dòcha, neo suiteas.
Dè mu dheidhinn ge-tà, a' Bheurla a leigeil seachad airson 40 là?
Tha luchd-rannsachaidh aig Oilthighean Ghlaschu 's Dhùn Èideann air dùbhlan a thoirt do dhaoine an cànan a sheachnadh gu tur airson còig seachdainnean.
Tha iad an dòchas barrachd fhaighinn a-mach mun bhuaidh a th' aig dà-chànanas air an eanchainn.
An gabh e dhèanamh ge-tà, 's a' Bheurla ceithir thimcheall oirnn ann an Alba an là an-diugh?
Seo Calum MacIlleathain.
- Air fhoillseachadh
- Earrann
- Naidheachdan