Paddington am Mathan an Glaschu

Chan eil cus mhathan ann as urrain a ràdh gun d'fhuair iad cairtean nollaig, cairtean siubhail, litir taing bho Phròbhost Bhaile Ghlaschu agus fiù 's cuireadh gu banais.

Ach tha iad sin am measg feadhain de na h-urraman a chaidh a bhuileachadh air Paddington Bear, mathan beag a bhios cumail faire bho uinneig ann an taobh siar Ghlaschu.