Ceist mu obraichean an Steòrnabhagh
Fhuair eaconomaidh nan Eilean Siar buille leis an naidheachd gu bheil dùil ri call cosnaidh aig factaraidhean giollachd Chompanaidh Bhradain na h-Alba ann an Steòrnabhagh.
Tha a' chompanaidh, a tha a' toirt obair do 169 duine sna h-Eileanan, ag ràdh gum feum iad na dòighean obrach aca a sgrùdadh.
Chan eil e soilleir fhathast cia mheud obair a dh'fhalbhas.