Naidheachdan 11:00m

Tha aithisg ùr bho Polis a' Mhet agus an Comann Nàiseanta airson Dion Chloinne ag ràdh gun tug Jimmy Savile ionnsaigh air clann cho òg ri ochd bliadhna de dh' aois. Tha an athisg ag ràdh gun do thachair còrr's 200 ionnsaigh air feadh Bhreatainn thairis air 50 bliadhna aig sgoiltean, ospadail, dachannan-eiridinn agus stiùidioan telebhisean. A rèir na h-aithisg, bha còig chùisean ann an Alba, dhà ann an sgire poilis Srath Chluaidh, agus aon chùis an urra ann am sgire poilis Lodainn 's nan Crìochan, Fìobha agus Roinn a' Mhonaidh. Tha iomradh ann cuideachd air dachaidh Shavile ann an Gleanna Comhann ach chan eil an aithisg ag ràdh an do thachair dad mì-laghail an sin.

Na bu traithe an diugh thuirt Seirbheis Casaid a' Chrùin gum faodadh casaidean airson ionnsaighean drabasda a thogail an aghaidh Savile nuair a bha e beò. Cho-dhùin an CPS ann an 2009 gun casaidean na aghaidh. Thuirt Stiùriche na Seirbheis, Keir Starmer, gur dòcha gum biodh na boireannaich a bh' ann nas deònaiche fianais a thoirt seachad nam biodh na poilis air barrachd fiosrachaidh a thoirt dhaibh.

Chaidh dithis dhaoine mu choinneimh cùirte fo chasaid gun do mhurt iad fireannach a bha a' coiseachd gu seirbheis eaglais air an oidhche ron Nollaig. Chaidh ionnsaigh a thoirt air Ailean Greaves, a bha 68, ann an Sheffield agus chaochail e trì là an dèidh sin. Chaidh Ashley Foster, a tha 21, agus Seonachan Bowling, a tha 22, a chumail an grèim airson a dhol mu choinneimh na cùirte a-rithist, seachdainn bhon diugh.

Tha a' chompanaidh chàraichean à Iapan, Honda, am beachd 800 dreuchd a ghearradh aig an fhactaraidh ann an Swindon. Tha a' chompanaidh, a thòisich a' togail chàraichean ann am Breatainn ann an 1992, ag ràdh gur e cho beag 's tha iad a' reic de chàraichean air a' mhargaidh Eòrpach as coireach.

Chaidh cead airson craoladh telebhisean ionadail a thoirt do STV airson stèiseanan do Ghlaschu agus Dùn Èideann. Bidh na seanalan ùra air Freeview le dùil gun tòisich iad san Damhair am-bliadhna. Cha deach ach dà chead craolaidh a thoirt seachad ann an Alba, a-mach à aon thar fichead air feadh Bhreatainn.

Tha Poilis a' Chinn a Tuath a' rannsachadh bàs fireannaich ann an Steòrnabhagh, ged nach eil iad amharasach mu dheidhinn. Chaidh an corp fhaighinn feasgar an-dè ann an Ceann a' Bhàigh sa bhaile. Thèid rannsachadh post mortem a dhèanamh agus thèid aithisg gu Neach Casaid a' Chrùin.