Buidheann ùr connaidh sna h-Eileanan Siar?
Tha beachd ann gum bu chòir buidheann a stèidheachadh sna h-Eileanan Siar airson connadh nas saoire a sgaoileadh do luchd-reic.
Nochd seo, 's e air tighinn am follais gum faod duine sam bith connadh a cheannach bhon stòr a th' aig GB Oils ann an Steòrnabhagh, rud a tha a' fosgladh cothrom do chompanaidhean an aon rud a dhèanamh.
Tha Murray MacLeòid ag aithris.