BBC Naidheachdan

Sia bàtaichean-iasgiach ùra sna h-Eileanan Siar

Tha dùil gum bi sia bàtaichean-iasgaich ùra anns na h-Eileanan Siar air fad ag iasgach airson a' mhuasgain-chaoil ro mheadhan na bliadhna.

Dh'aontaich an Roinn Eòrpa ri sgeama a chuir Comhairle nan Eilean Siar air chois, a leigeas le daoine taic-ionmhais iarraidh airson bàtaichean-iasgaich a cheannach.

Ged nach eil na bàtaichean air an ùr-thogail, tha iad nas fheàrr na mòran de na bàtaichean a tha anns na h-Eileanan an-dràsta.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.