Naidheachdan 11:00m
Shoirbhich aig Cùirt Cheartais na h-Eòrpa le tè a tha ag obair do British Airways na h-iomairt airson crois Chrìosdaidh a bhith oirre aig a h-obair. Thuirt a' chùirt gum bu chòir cead a bhith aig Nadia Eweida a creideamh a dhèanamh follaiseach. Ach cho-dhùin a' chùirt an aghaidh nurs à Exeter air an deach iarraidh a crois a thoirt dhi-se, aig a h-obair. Thuirt a' chùirt Eòrpach gun robh slàinte agus sàbhailteachd nan euslainteach a' gabhail prìomhachais anns a' chùis sin.
Thug itealan-cogaidh Fraingeach ionnsaigh air baile air taobh siar Màli air an do ghabh reubaltaich Ioslamach smachd Diluain. Tha Comhairle Thèarainnteachd nan Dùthchannan Aonaichte a' cur an taic ris an iomairt Fhraingich.
Thuirt an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg nach urrainn do Bhreatainn ath-sgrìobhadh farsainn a dhèanamh air riaghailtean a ballrachd anns an Aonadh Eòrpach. Bha Mgr Clegg a' bruidhinn agus am Prìomhaire Dàibhidh Camshron ag ullachadh airson òraid mhòir air ceist na h-Eòrpa Dihaoine. Thuirt Mgr Clegg nach bu chòir referendum a chumail mur a tèid càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach atharrachadh le aonta ùr.
Tha dùil gun gabh Taigh nan Cumantan an-diugh ris an reachdas a leigeas le Pàrlamaid na h-Alba referendum laghail a chumail air neo-eisimeileachd na h-Alba. Bidh Buill-Phàrlamaid a' deasbad Sectionn 30 mar a teirear ris an-diugh mus tèid e gu Taigh nam Morairean a-màireach. Tha dùil ri aonta na Comhairle Dìomhair air an ath-mhìos.
Cha deach innse gu foirmeil fhathast cò am fear a chaill a bheatha an dèidh dha tuiteam le creig ris a' chladach san Rubha ann an Leòdhas an-dè. Bha an duine, a bha 48, a' trusadh chaorach nuair a thuit e. Chaochaill e san ospadal ann an Steòrnabhagh.
Tha 4,000 cosnadh ann an cunnart agus na bùthainnean ciùil HMV ann an rianachd. Tha 239 bùth aig HMV air feadh Bhreatainn agus Èireann - 22 dhiubh ann an Alba - 's fuirichidh iad sin fosgailte gus an tèid oidhirp a dhèanamh air an reic.
Tha companaidhean a tha a' dèanamh uisge-bheatha, fìon agus leanna a' dol gu cùirt ann an Dùn Èideann an-diugh, 's iad a' cur an aghaidh lagh a chuireadh bun-phrìs air deoch-làidir. Tha Comann Uisge-beatha na h-Alba am measg nam buidhnean a tha a' tagradh an aghaidh an lagha ris an do ghabh Riaghaltas na h-Alba an-uiridh.