Seann Bhliadhn' Ùr ga comharrachadh
Chan eil fada sam bith bhon a chomharraich daoine air feadh an t-saoghail an Nollaig agus a' bhliadhna ùr.
Ach ann an grùnn bhailtean beaga air a' Ghàidhealtachd lean na tachartasan a tha sin, 's iad cuideachd a' comharrachadh na seann bhliadhna ùire.
Bha aon bhaile beag ann an sgìre Mhoireibh am-measg an fheadhainn a chomharraich seo san dòigh traidiseanta aca fhèin.