Leudachadh mòr aig taigh-staille ann am Bàideannach
Tha planaichean ann airson leudachadh agus leasachadh mòr a thoirt air taigh-staille faisg air an Aghaidh Mhòir.
Ghabh companaidh a tha stèidhichte ann an Taiwan taigh-staille Druim Giuthais thairis o chionn ghoirid agus iad a' coimhead air a dhà uidhir de dh'uisge-bheatha a dhèanamh ann na tha iad an-dràsta - rud air a bheil mòran san sgìre a' cur fàilte.
Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.