Murchadh Moireach
Dh'innis Oighreachd a' Chrùin gu roinn iad £20m de thaic airgid eadar dà phròiseict cumhachd mara.
Feumaidh na pròiseactan a bhith nas motha na 3 megawatt, agus feumaidh iad sealltainn gur urrainn dhaibh an t-ionmhas air fad a tha dhìth orra a chruinneachadh ron Mhàirt an ath-bhliadhna.
Tha pròiseactan air a' chost an iar agus anns a' Chaol Arcach a dh'fhaodadh buannachd fhaighinn as.