Comhairlichean a' coimhead ri riaghailtean màil Inbhir Nis
Cha tèid casg a chuir air taighean anns a bheil iomadh duine a' fuireach ann am meadhan Inbhir Nis.
Bha luchd-gnothachais ann am meadhan a' bhaile air gearain gun robh iad làn de dhaoine le trioblaidean deoch is drugaichean, 's gu robh iad a' toirt droch shealladh air meadhan a' bhaile.
Ach cho-dhùin Comataidh Dealbhachaidh na Gàidhealtachd Diciadain nach deidheadh an casg.
An àite sin, thèid riaghailtean nas teanna a chuir an-sàs.
Tha tuilleadh aig Dòmhnall Moireasdan.