Spòrs Gheamhradail ga brosnachadh
Thòisich iomairt ùr Dihaoine airson spòrs gheamhradail ann an Alba a shanasachd.
Bha Ministear na Turasachd, Fearghas Ewing, aig a' Chàrn Ghorm a' foillseachadh £48,000 a thèid a chosg air barrachd dhaoine a' thàladh chun nam beann.
Dh'fhoillsich e an t-airgead dìreach ro Là Sneachda na Cruinne, a bh' ann Didòmhnaich.
Tha Calum MacIlleathain ag aithris.