BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Tha àireamhan oifigeal ag ràdh gun do sheairg eaconomaidh Bhreatainn anns na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh toradh na dùthcha, an GDP, 0.3% nas lugha na bha e anns na trì mìosan ron a sin an-uiridh, a chunnaic àrdachadh de 0.9%. Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gu bheil na figearan sin a' dearbhadh cho doirbh 's tha suidheachadh eaconomach Bhreatainn.

Na bu traithe an-diugh, dh'aidich an Leas Phrìomhaire, Nick Clegg, gur dòcha gun do ghearr a' cho-bhanntachd riaghlaidh, nuair a thàinig iad gu cumhachd an toiseach, cus far cosgais air pròiseactan bun-structair mar rathaidhean, rèile agus ospadail. Thuirt e gun do dh'aithnich iad bhon uairsin gum feum tuilleadh airgid a chur ri pròiseactan calpa airson obraichean agus fàs eaconomach a bhrosnachadh. Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil Mgr Clegg ag aideachadh gun deach mearachdan mòra a dhèanamh.

Tha sneachda a' dèanamh chùisean doirbh do dhràibhearan gu h-àraidh ann am moran de mheadhan na h-Alba. Tha dùil ri sneachda trom agus cathadh an-diugh fhathast agus e mar thà a' laighe air cuid de na prìomh rathaidean, an A9 agus an A82 nam measg. Chaidh iarraidh air dràibhearan ullachadh ceart a dhèanamh agus gun siubhal mur a h-eil deagh aobhar air.

Canaidh Leas Phrìomh-Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, aig òraid ann am Baile Àtha Cliath a-nochd gum bu chòir do dh'Alba eisimpleir na h-Èireann a ghabhail mar dhùthaich bheag neo-eisimeileach anns an Aonadh Eòrpach. Canaidh i gu bheil mòran mhìlltean obraichean ann an Alba a' crochadh air margaidhean anns an EU agus gur e bhòt airson neo-eisimeileachd an aon dòigh air dèanamh cinnteach air ballrachd anns an Aonadh Eòrpach.

Bidh ceannard Albannach nan Tòraidhean, Ruth Davidson, ag innse aig òraid ann an Dùn Èideann an-diugh mu phlana airson dàimh nas dlùithe ris a' mhòr-shluagh. Tha duil gun can i nach eil earbsa aig Albannaich anns a' phàrtaidh aice 's gu bheil iad a' coimhead air na Tòraidhean mar phàrtaidh riaghaltas Lunnainn ann an Alba.

Chuir ceannardan àiteachais na h-Alba fàilte air bhòt aig Comataidh Àiteachais na Pàrlamaid Eòrpaich a tha a' ciallachadh gur dòcha nach bi peanas a' dol air tuathanaich agus croitearan mur a h-eil tagaichean eleactroniceach nan caorach mar bu chòir dhaibh. An-dràsta, caillidh feadhainn nach cum ris na riaghailtean earran den taic airgid SFP. Feumaidh a' cheist a dhol gu Comhairle na h-Eòrpa a tha a' beachachadh air atharrachadh ann am Poileasaidh Choitcheann an Àiteachais.