Car ùr a thaobh tagaichean chaorach
Thàinig car as ùr sa chonnspaid mu thagaichdean eileactronaigeach nan caorach, le Buill na Pàrlamaid Eòrpaich a' moladh nach bu chòir tuathanaich agus croitearan a bhith air am peanasachadh ma bhriseas iad na riaghailtean.
Chaidh fàilte chridheil a chur air na molaidhean, gu h-àraid ann an dùthchannan far a bheil mòran stuic air na beanntan.
Ach mar a tha Murray MacLeòid ag aithris, chan eil coltas ann aig an ìre seo gun tèid cur às dha na tagaichean EID uile gu lèir.
- Air fhoillseachadh
- 28 Am Faoilleach 2013
- Earrann
- Naidheachdan