Pròiseact ùr airson slàinte dhùthchail
Gheall an Riaghaltas gun cum seirbheis luchd-cobhair mheidigieach a tha stèidhichte anns an sgìre as fhaide an iar air Tìr Mòr na h-Alba a' dol.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh agus an Riaghaltas ag ràdh gun tèid an sgeama, far a bheil luchd-cobhair bhon choimhearsnachd a' coimhead às dèidh dhaoine a' leudachadh air feadh na h-Alba.
Chaidh an t-seirbheis ùr a chur air bhonn ann an Cille Chòmhghain an Àird nam Murchan, le Rùnaire na Slàinte Ailig Neil.
- Air fhoillseachadh
- 29 Am Faoilleach 2013
- Earrann
- Naidheachdan