Margaidh a' chonnaidh "ag obrachadh mar a bu chòir"
Thuirt Oifis na Malairt Cothromaiche gu bheil margaidh a' chonnaidh anns an Rìoghachd Aonaichte farpaiseach agus ag obrachadh mar a bu chòir.
Ann an aithisg a dh'fhoillsich iad Diciadain, thuirt a' bhuidheann nach d'fhuair iad fianais sam bith gun robh companaidhean connaidh a' gabhail brath air dràibhearan.
Thuirt iad gur e cìsean a tha a' fàgail phrìsean aig na pumpaichean cho àrd.
Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 31 Am Faoilleach 2013
- Earrann
- Naidheachdan