BBC Naidheachdan

Stoirm mhillteach sna h-Eileanan Siar

Tha an droch shìde air milleadh a dhèanamh thall 's a-bhos sna h-Eileanan Siar.

Thàinig pìos de chliathaich taighe a-nuas san Òb anns na Hearadh, agus tha taigh ann an Càrlabhagh air similear a chall.

Bha sgioblachadh ga dhèanamh cuideachd air cabhsair Èirisgeigh, 's a' mhuir air creagan a chur tarsainn an rathaid.

Tha Ruairidh Rothach ag aithris.