Dùil ri dàil air Drochaid Cheasaig
Chan eil ach dusan là air fhàgail mus tòisich obair-càraidh mhòr air Drochaid Cheasaig, thar Chaolas Inbhir Nis.
Tha Còmhdhail na h-Alba ag iarraidh air dràibhearan aire a thoirt air na h-atharrachaidhean a thèid a chur an sàs airson dèiligeadh ris an trafaig, gu h-àraid aig na h-amannan as trainge.
Ach tha a' bhuidheann còmhdhail air rabhadh a thoirt nach eil teagamh gun toir e nas fhaide do dhaoine siubhail air an drochaid agus gum bu chòir do dhaoine beachdachadh air dòighean siubhail eile.
Tha Reamonn Lenkas ag aithris.