Cìs a' Chonnaidh
Bu chòir sgeama faochaidh a' chonnaidh àrdachadh bho 5sg far prìs an liotair gu 7.5sg far an liotair.
Sin a rèir Aonghais Bhrianan MhicNìll, BP nan Eilean Siar.
Bha Mgr MacNìll am measg na bha an an làthair aig coinneamh ann an Glaschu Diardaoin gus measadh a dhèanamh air soirbheachas an sgeama.
Tha e ag ràdh gu bheil e nas saoire na bha dùil, agus mar sin gun gabhadh a leudachadh gun cosgais a bharrachd.
Tha Iain MacDiarmaid ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 1 An Gearran 2013
- Earrann
- Naidheachdan