BBC Naidheachdan

Sluagh ùr ann an Tannara Mhòr?

Dh' fhaodadh gun till sluagh a dh' fhuireach dha na h-Eileanan Samhraidh làn thìde.

Tha muinntir Achd Ille Bhuidhe 's na Còigich air tìr-mòr a' coimhead ris an fhear as motha de na h-eileanan - Tannara Mhòr - a cheannach.

Tha an teaghlach leis a bheil e ga reic, 's tha iad a' toirt a' chiad chothrom air do mhuinntir na Còigich.