Drochaid Cheasaig nas sàmhaiche na bha dùil
Cha robh cùisean buileach cho dona do thrafaig air Drochaid Cheasaig Diluain le aon taobh dùinte airson obair-càraidh.
Tha coltas ann gun do dh'èist daoine ri comhairle na seirbheisean còmdhail phoblaich a chleachdadh.
Ach bha na sgoiltean dùinte, rud 's dòcha a chuidich cùisean, ged a bha dàil de thimcheall air 20 mionaid ann do chuid de dhràibhearan aig amanann.
Tha Eileen NicDhòmhnaill ag aithris.
- Air fhoillseachadh
- 12 An Gearran 2013
- Earrann
- Naidheachdan