MacNìll a' guidhe gun glèidhear seirbheisean adhair
Chuir Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, ìmpidh air Comhairle nan Eilean Siar gun lùghdachadh a thoirt air seirbheisean-adhair eadar Barraigh, Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh.
Bha a' Chomhairle gus am buidseat aca a stèidheachadh Diardaoin agus tha iad a' coimhead ri cuid de sheirbheisean adhair a ghearradh ann an oidhirp am buidseat a chothromachadh.
Tha Mgr MacNìll ag ràdh gur e ceum air ais a bhiodh ann nan deadh seirbheisean a chall.
- Air fhoillseachadh
- 14 An Gearran 2013
- Earrann
- Naidheachdan