BBC Naidheachdan

Iomairt SCIAF ga cur air bhog

Chuir an seinneadair Susan Boyle agus Dàibhidh Mac a' Ghobhainn, a choisinn bonn òir aig na Geamaichean Para-liompaigeach, an iomairt bhliadhnail as motha aig SCIAF air bhog.

Bidh buidheann cobhair eadar-nàiseanta na h-Eaglaise Caitligich a' sgaoileadh bhogsaichean beaga far am bi daoine a' toirt seachad airgid airson cobhair a dhèanamh air daoine ann an dùthchannan bochda.

Tha Andreas Wolff ag aithris.